Giglets ann an Gaidhlig Na Trì Mucan Beaga - Giglets

Giglets ann an Gaidhlig Na Trì Mucan Beaga

By Giglets

  • Release Date: 2015-04-01
  • Genre: Foreign Languages

Description

Is e clasaig dealbhaichte do chloinn, do dheugairean is inbhich air atharrachadh gu h-ealanta a th’ ann Na Trì Mucan Beaga aig Giglets ann an Gaidhlig le deilbh bheòthail dhathtach làn-mheud bhideo a thuilleadh air buadhan fuaim agus ceòl.  

Tha Giglets ann an Gaidhlig uaireannan ainmeil agus uaireannan nan leabhraichean clasaigeach an ìmpis a dhol air dhìochuimhne, a tha air an ath-chruthachadh agus air an atharrachadh airson luchd-èisteachd an latha an-diugh. Ged a tha litreachas clasaigeach air leth math, tha e glè thric air a sparradh air cùlaibh mòran arrasbacain. Tha luchd-leughaidh an latha an-diugh a’ strì ri ùine agus sgeulachdan a chòrdas riutha a lorg, agus fiù cànan a thuigsinn a chaidh a sgrìobhadh o chionn mòran bhliadhnaichean agus uaireannan ceudan de bhliadhnaichean. Tha Giglets a’ briseadh sìos mòran de na cnapan-starra sin, a’ fàgail nan teacsaichean clasaigeach sin ruigsinneach do luchd-leughaidh ùr – clann, deugairean  agus inbhich le chèile.  

Bidh Giglets a’ foillseachadh sgeulachdan a tha saidhbhir ann an susbaint, ach a dh’aindeoin sin lùghdaichte ann am fad is toinnteachd agus le cànan a tha air a dhèanamh freagarrach do luchd-leughaidh òg. Tha Giglets ag amas air eòlas a thoirt do luchd-leughaidh air na sgeulachdan agus na caractaran a tha air an eadar-fhighe le cultar an latha an-diugh. Leughaidh tu leabhar Giglets ann an 15-20 mionaid, agus aig an aon àm cuiridh tu eòlas air clasaig math litreachail. Tha leabhraichean Giglets a’ cumail grèim air na suidheachaidhean brosnachail, na gnìomhachdan ‘s  am fealla-dhà, na caractaran mìorbhaileach agus na seallaidhean as fheàrr bho sgeulachdan a tha air a bhith air am meas gu mòr thar bliadhnaichean. Tha Giglets a’ cleachdadh modh-obrach a thaobh sgrìobhadh sgriobtaichean deilbhe a tha fìor aithnichte agus ga chur an sàs ann an seann sgeulachdan tùsail gus an tionndadh Giglets de litreachas clasaigeach a chruthachadh. 

A thuilleadh air an sin, tha gach leabhar dealbhaichte airson togail air na prìomh sheallaidhean bhon aithris gus tarraingeachd na sgeòil a mheudachadh agus cuimhne an neach-leughaidh a thoirt air ais. Thar ùine, tha sinn ag amas air tuilleadh neartachaidh a chur ris leithid beòthalachd airson leasachadh ann an tlachd is foghlam. 

‘S e rùn Giglets a bhith ag oideachadh agus a’ dèanamh dibhearsain le sàr-mhathas. Tha sinn an dòchas leughadh a bhrosnachadh, eòlas air litreachas clasaigeach a sgaoileadh a-mach gu luchd-leughaidh nas fharsainge agus nas nuadh-aimsireile agus ar pàirt a ghabhail ann am feabhasachadh litreachais.

Free Download OR Reading Online

www.000webhost.com